Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Deasbad Gàidhlig BT Alba A' Dèanamh air a' Phàrlamaid a-rithist14 Samhain 2005 Chaidh a' chiad dà chuairt de Dheasbad Nàiseanta Gàidhlig BT Alba a chumail air Dimàirt an 8mh latha agus Diciadain an 9mh latha den t-Samhain anns an Ionad Ealain ùr spaideil 'An Lanntair' a chaidh fhosgladh bho chionn ghoirid ann am meadhan baile Steòrnabhaigh. Sheall 16 sgioba, a bha a' riochdachadh 13 àrd-sgoiltean bho air feadh Alba, deagh sgilean deasbaid fhads a bha iad a' libhrigeadh nam puingean aca 's iad a' strì gus àite fhaighinn anns na cuairtean deireannaich. Cha d'fhuair an 8 sgioba leis an deach an latha faochadh sam bith as dèidh a' chiad chuairt oir ghabh dàrna cuairt an deasbaid àite an ath latha. 'S iad na 4 sgioban a fhuair troimhe chun na h-ath ìre Àrd-sgoil Sheumais Gillespie, Dùn Èideann, Acadamaidh Hazlehead, Obar Dheathain, Acadamaidh Allt a' Mhuilinn, Inbhir Nis agus Àrd-sgoil Chnoc na Pàirce, Glaschu. Bidh iad a' gabhail com-pàirt anns an iar-chuairt dheireannach a tha a' gabhail àite air Dimàirt an 22mh latha den t-Samhain ann an Oilthigh Dhùn Èidinn. Cuiridh na britheamhan an dà sgioba as fheàrr air adhart chun a' chuairt dheireannaich a tha a' gabhail àite ann am Pàrlamaid na h-Alba am bliadhna a-rithist air Diciadain an 23mh. Tha BT Alba a-rithist nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna-sa agus tha iad air an taic àrdachadh gu £15,000. Thuirt Ealasaid Turner, Stiùiriche Tabhartasan Choimhearsnachd na buidhne: Thuirt an Comhairliche Dòmhnall MacGilleathain bho Chomhairle nan Eilean Siar, Fear-cathrach Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid: |
BT Gaelic Debate heads for the Parliament once again14th November 2005 The first two rounds of this year's BT Scotland National Gaelic Debate were held in the recently opened £5 million 'An Lanntair' Arts Centre in Stornoway on Tuesday 8th and Wednesday 9th November. 16 teams representing 13 secondary schools from throughout Scotland demonstrated well honed debating skills as they delivered their cases in an attempt to try and secure a place in the semi finals. There was no respite for the 8 victorious teams following the first round as they battled it out once more the next day where the contest was whittled down to just 4 teams. The 4 successful teams to get to the semi-finals were James Gillespie High School, Edinburgh, Hazlehead Academy, Aberdeen, Millburn Academy, Inverness and Hillpark High School, Glasgow. They will participate in the Debate at the University of Edinburgh on Tuesday 22nd November. The 2 teams that most impress the judges that evening will meet in the Final Round which is again being held in the Scottish Parliament on Wednesday 23rd November. The main sponsors of this year's Debate are once again BT Scotland who have increased their contribution to £15,000. Liz Turner, the company's Community Investment Manager said: Cllr Donald MacLean of Comhairle nan Eilean Siar, Chairman of the Debate Management Committee said: |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||