Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Ri Chèile 2006 air leth soirbheachail

31 Dàmhair 2006

O chionn colla-deug thadhail buidheann do dheugairean Gàidhlig air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu mar phàirt den deasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Dithis à Steòrnabhagh

Tha sgoilearan a’ tighinn bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla ri sgoilearan bhon Ghearasdan, Cille Brìde an Ear, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Port Righ agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an Deasbad fhèin bha cuairt gu Gailearaidh Ealain agus Taigh Tasgaidh Kelvingrove agus oidhche shòisealta le aoigheachd bhon Phròbhaist aig Comhairle Baile Ghlaschu.

A rèir Fionnlagh Coineagan bho Àrd Sgoil MhicNeacail " 'S e turas sgoinneil a bha seo le iomadach rud tlachdmhor na chois. Bha na h-òraidean inntinneach agus beò. Fhuair sinn blasad math de chultar, eachdraidh agus na h-ealain agus deagh chraic. Tha sinn an dòchas a bhith air ais an ath bhliadhna!"

An lùib chuspairean na bliadhna seo, tha “cuiridh teacs às do chànan”, “cha bu chòir ach daoine brèagha obair fhaighinn air Tbh”, “bu chòir Gàidhlig a bhith ga teagasg anns a’ h-uile sgoil ann an Alba”, agus” tha DJ’s gu math tàlantach air an rèidio”.

'S i Deirdre Ní Sheanachain, Meánscoil Mhuire, Eadan Doire, Co. Uí, a bhuannaich a’ phrìomh duais le Donna Marie NicIomhair, Àrd Sgoil MhicNeacail, Eilean Leòdhais anns a’ chiad àite airson Alba agus Éamonn ó Ceallaigh, Gairmscoil Chú Uladh a' tighinn anns a’ chiad àite airson Èirinn.

Very successful Ri Chèile 2006

31st October 2006

Two weeks ago a group of Gaelic speaking teenagers visited Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ( Glasgow Gaelic School) as part of the annual international Gaelic debate ‘Ri Chèile’ organised by Comunn na Gàidhlig in Scotland and Gael Linn in Ireland.

Guests and participants

Pupils from Dingwall, East Kilbride, Fort William, Glasgow, Portree, and Stornoway are joined by pupils from different areas of Ireland. Over and above the debate there was a trip to Kelvingrove Art Gallery and Museum and a social evening hosted by the Lord Provost of Glasgow.

According to Finlay Cunningham of The Nicolson Institute, Stornoway, Isle of Lewis, “This was an excellent trip with many enjoyable activities. All the talks were very interesting and lively. We got a sample of each other’s cultures, histories, the arts and good craic. We hope to be back next year .”

Topics covered this year will be “texts will destroy language”, “only attractive people should get jobs in TV”, “Gàidhlig should be taught in every school in Scotland” and “Radio DJs are very talented”.

Deirdre Ní Sheanachain, (Meánscoil Mhuire, Eadan Doire, Co. Uí) was the overall winner with Donna Marie MacIver, (Nicolson Institute, Isle of Lewis) coming first for Scotland and Éamonn ó Ceallaigh, (Gairmscoil Chú Uladh) coming first for Ireland.

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Wolf at wildlife park

Turas Sradagan gu Pàirc nam Fiadh-bheathach

Sradagan visit to Wildlife Park

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet