Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Ri Chèile 20062mh Dàmhair 2006 Air 5 Dàmhair ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu bithidh buidheann dheugairean le Gàidhlig a’ gabhail pàirt anns an deasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn. Tha sgoilearan a’ tighinn bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla ri sgoilearan bhon Ghearasdan, Cille Brìde an Ear, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Port Righ agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an Deasbad fhèin tha cuairt gu Gailearaidh Ealain agus Taigh Tasgaidh Kelvingrove agus oidhche shòisealta le aoigheachd bhon Phròbhaist aig Comhairle Baile Ghlaschu. A rèir Sìne NicIlleathain bho Comunn na Gàidhlig tha a’ phròiseact cudromach ann a bhith a’ dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain, agus mhìnich i "Chan e a-mhàin gu bheil na cuairtean seo a’ thoirt cothroman do dh' òigridh Ghàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a’ gabhail pàirt anns an deasbad, a tha a’ gabhail a-staigh iomadach cuspair anns na naidheachdan, ach cuideachd tha e a’ toirt cothrom dhaibh measgachadh le deugairean ann an suidheachadh mion-chànain coltach riutha fhèin. An lùib chuspairean na bliadhna seo, tha “cuiridh teacs às do chànan”, “cha bu choir ach daoine brèagha obair fhaighinn air Tbh”, “bu chòir Gàidhlig a bhith ga teagasg anns a’ h-uile sgoil ann an Alba”, agus “tha DJ’s gu math tàlantach air an rèidio”. |
Ri Chèile 20062nd October 2006 On 5 October in Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu (Glasgow Gaelic School) a group of Gaelic speaking teenagers are taking part in the annual international Gaelic debate ‘Ri Chèile’ organised by Comunn na Gàidhlig in Scotland and Gael Linn in Ireland. Pupils from Dingwall, East Kilbride, Fort William, Glasgow, Portree, and Stornoway are joined by pupils from different areas of Ireland. Over and above the debate there is a trip to Kelvingrove Art Gallery and Museum and a social evening hosted by the Lord Provost of Glasgow. The project’s linking of the two language communities is important, according to Sheena MacLean of Comunn na Gàidhlig, who explained “These trips not only provide an opportunity for Gaelic speaking young people to develop their language skills through their preparation for and participation in the debate where topics cover a number of topical issues but also gives them an opportunity to mix with teenagers in a similar minority language situation to themselves.” Topics covered this year will include “texts will destroy language”, “only attractive people should get jobs in TV”, “Gàidhlig should be taught in every school in Scotland” and “Radio DJs are very talented”. |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||