Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Foillseachadh do na meadhanan22mh Ògmhios 2006 “Feumaidh coimhearsnachdan taic fhaighinn agus feumaidh daoine òga a bhith air am brosnachadh ma tha Gàidhlig gu bhith beò mar chànan coimhearsnachd”. Sin a thuirt Màiri Bremner, Cathraiche Comunn na Gàidhlig (CnaG) aig foillseachadh do na meadhanan ann an Inbhir Nis an-diugh (Diardaoin 22 An t-Ògmhios) A’ toirt mìneachadh air atharraichean air Bòrd Stiùiridh ChnaG agus air structar na buidhne thuirt Màiri Bremner gun d’ rinneadh na h-atharraichean sin mu choinneimh dleastanas ChnaG gus taic a thabhann aig ìre coimhearsnachd. "Bhon a chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh agus Achd na Gàidhlig a thoirt a-steach na bu tràithe sa bhliadhna bidh CnaG ag amais nas motha air taic a thoirt do choimhearsnachdan agus do dh’ iomairtean. Tha sinn air adhartas a dhèanamh mar thà le bhith a’ cruthachadh chothroman do dh’oileanaich agus luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig gus obair Ghàidhlig fhaighinn anns na coimhearsnachdan far an deach an togail, buannachd dha na coimhearsnachdan, na daoin’ òga agus an luchd-fastaidh ionadail. Air an t-samhradh seo tha 45 oileanach againn ag obair tro chòig sgeamaichean eadar-dhealaichte air feadh Alba, ann an Ìle, Colbhasa, a’ Chomraich, agus Port Righ cho math ri Glaschu, Inbhir Nis agus na h-Eileanan Siar. |
Media launch22nd June 2006 “Communities need to be supported and young people need to be given every encouragement if Gaelic is to survive as a community language”. This was stated by Màiri Bremner, Chair of Comunn na Gàidhlig (CnaG) at a media launch in Inverness today (Thursday 22 June). Explaining recent changes in CnaG’s Board membership and internal structure, Màiri Bremner said that these changes were made to reflect CnaG’s role in providing support at community level. “With the establishment of Bòrd na Gàidhlig and the introduction of the Gaelic Act earlier this year, CnaG’s future role will be focussed more on community support and initiatives. We have already made significant progress in creating opportunities for Gaelic speaking students and graduates, to get Gaelic jobs in their home communities, thus benefiting the communities, the young people and local employers. This summer |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||