Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Urram do nighean à Barraigh

Tha Mairead Nic Neill a tha air an t-siathamh bliadhna ann an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil air Duais Dhòmhnaill Stiùbhart fhaighinn airson a Bàrdachd Gàidhlig aice a bha air a’ thaisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba an uiridh.

Tha Urras Chuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiùbhart a’ toirt seachad an Duais mar chuimhneachan air a’ Bhall Pàrlamaid nach maireann agus mar chomharradh air a shaothair agus a seirbheis. Fhuair Mhairead an Duais aig Seirbheis Duaisean na Sgoile bho Bhall Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas MacNèill BP.

Thuirt Cathraiche an Urrais, Murchadh MacLeòid a tha cuideachd na Stiùiriche Foghlam aig Comhairle nan Eilean Siar:

“Chuir an Sgoil Mairead air adhart airson na Duais am bliadhna agus cha robh teagamh sam bith aig na h-urrasairean ann a bhith a’ toirt dhith an Duais. Choisinn i duais ann a' farpais Phàrlamaid na h-Alba tha mar tha i air inbhe na Gàidhlig, a sgoil agus a coimhearsnachd a thogail an dà chuid aig ìre ionadail agus aig ìre nàiseanta. Bha Dòmhnall Stiubhart nach maireann air a mheas mar Bhall Pàrlamaid urramach agus tha e iomchaidh gum biodh a’ chiad neach a bhuannachd an Duais mar chuimhneachan air an dèidh ceangal a dhèanamh eadar cànan agus cultar ar n-eileanan agus togalach ùr na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann.”

Mairead Nic Neill agus Aonghas MacNèill

Honour for Barra girl

Mairead MacNeil, a 6th year pupil at Castlebay School has been awarded the Donald Stewart Award for her Gaelic Poem, which was selected for display at the Scottish Parliament last year.

The Award, which is being presented by the Donald Stewart Memorial Trust, in memory of the long and distinguished service provided by the late MP for the Western Isles, was handed over to Mairead at the School’s Prizegiving Ceremony by the present MP for na h-Eileanan Siar, Angus MacNeill MP.

Chairman of the Trustees, Murdo Macleod said:

“Mairead was nominated by her School for this year’s Award and the Trustees had no hesitation in giving her the Award. By her entry to the Scottish Parliament’s competition she has raised the profile of Gaelic, her school, her community at both local and national level. The late Donald Stewart was a highly respected Westminster Parliamentarian and it is very fitting that the first recipient of the Trophy in his honour goes to someone who has linked the language and culture of our islands to our new political institution in Edinburgh.”

Mairead MacNeil and Angus MacNeill

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Wolf at wildlife park

Turas Sradagan gu Pàirc nam Fiadh-bheathach

Sradagan visit to Wildlife Park

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet