Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
BT a’ dèanamh ceangal le Deasbad nan Sgoiltean1mh Samhain 2006 Tha sia buidhnean deug bho Àrd Sgoiltean air feadh Alba a’ gabhail pàirt ann an Deasbad BT na bliadhna seo. Tha an Deasbad a’ tòiseachadh air Dimàirt 7 Samhain leis a’ chiad dà chuairt a’ gabhail àite anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh aig 2f. Airson an ochdamh bliadhna tha BT Alba a’ toirt maoineachadh luach £15,000 don fharpais seo. Thuirt Brendan Dick, manaidsear nàiseanta, BT Alba, “Tha BT Alba toilichte a bhith aon uair eile a’ toirt taic do Dheasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Gàidhlig agus daoine òga a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn a’ chànain. Tha an deasbad a’ fighe a-staigh gu math le program foghlaim BT, fear cho mòr de sheòrsa ’s a tha ann am Breatainn, oir tha e ag amas air sgilean co-luadair. Tha BT den bheachd gu bheil comas conaltraidh bunaiteach ann a bhith a’ soirbheachadh mar oileanach agus tha sin fìor ge be Gàidhlig, Beurla no cànan eile a thathas a cleachdadh.” “Tha co-luadair na sgil bhunaiteach airson cothroman beatha agus tha BT seasmhach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun toir daoine òga Alba an cuid sgilean labhairt is èisteachd gu ìre gus an cothrom is fhèarr fhaighinn nam beatha.” Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Cathraiche a’ Chomataidh Stiùiridh, “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ faighinn an taic leantainneach seo bho BT Alba airson an tachartas thaitneach seo. Thairis nam bliadhnaichean tha a mhòr chuid de na h-Àrd Sgoiltean ann an Alba le clann aig a bheil Gàidhlig air ùidh a nochdadh ann. Am bliadhna, a-rithist thèid a’ chuairt dheireannach den Deasbad chumail anns a’ Phàrlamaid air Dimàirt 28 Samhain. An oidhche ro sin cumar an iar-chuairt dheireannach anns an Sgoil Ghàidhlig a tha air ùr fhosgladh ann an Glaschu. A-measg cuspairean deasbaid na bliadhna seo tha: Bu chòir cead a bhith aig pàrantan gnè an cuid chloinne a thaghadh; Bu choir gum bi na seiseanan gu math tarraingeach agus fiosrachail do na bhios ag èisteachd agus do na britheamhan agus na tha a’ gabhail pàirt. Ma tha ùidh aig duine sa ghnothach thigibh agus còrdaidh cùisean gu mhath ribh.” |
BT connects with Gaelic Schools Debate1st November 2006 Sixteen teams from Secondary Schools throughout Scotland will be participating in this year's BT Gaelic Schools Debate, which opens with the first two rounds in Stornoway's An Lanntair on Tuesday 7 November at 2.00 pm. For the eighth successive year, BT Scotland are sponsoring the Debate with a £15,000 award. Brendan Dick, national manager, BT Scotland, said: "BT Scotland is pleased to once again support the National Gaelic Schools Debate and encourage young people to speak the language. The debate aligns perfectly with BT’s education programme, the largest of its kind in the UK, because it focuses on communication skills. BT believes the ability to communicate well lies at the heart of being a successful student, and that applies whether you speak Gaelic or English or any other language. “Communication is the key enabling skill of life and BT is determined to ensure that young people in Scotland can develop their speaking and listening skills and have the best possible start in life.” Chairman of the Organising Committee, Donald Martin of CnaG said; "We are very pleased to receive the continuing support of BT Scotland for this popular event. Over the years, it has attracted interest from the majority of Secondary Schools in Scotland with Gaelic speaking pupils. The climax of the Debate will again be fought out in Scottish Parliament where the Final round will be held on Tuesday 28 November, the night after the semi-final round which takes place in the newly opened Gaelic School in Glasgow. The topics for debate this year include Parents should be able to choose the gender of their children;This should make for the usual entertaining and informative sessions enjoyed by participants, judges and listeners. Anyone interested in coming along will be guaranteed a good time." |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||